Òran do 'n t-Soitheach Catrìona
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF293i05 ÒRAN DO 'N T-SOITHEACH CATRÌONA
Beulaiche: Flòraidh Bheag | Flora MacLean
Bàrd: Iain Mhìcheil 'ic Iain Mhòir 'ic Iain Òig | Captain John MacKinnon
[Séist:] I illein o illein i,
I illein aillein o,
Faill il eileadh, 's ho ro i,
Gu dé nì mi mur fhaigh mi thu?
'S gura Iain bha gu cianail
A' dealachadh ri Catrìona,
Gun dùil a faicinn gu sìorruidh
Mu chrìochan Sheanacadi.
Nuair a chaidh sinn air an t-snàmh,
Rìgh, 's e 'n sàile nach robh blàth;
Iagan Iain Dhòmhnuill cho làidir,
Shnàmhadh e mar bhradan beag.
Nuair a bha sinn anns a' ghàbhadh,
'S a chlisg e gum bitheamaid bàite,
Thuirt e, "M' eudail, Màiri Shandi,
B' àluinn a bhith 'n taice riut."
Nuair a thàinig sinn air tìr.
Bha sinn fliuch, fuar, agus sgìth;
Bha sinn riatanach air tì,
'S gur cinnteach gu robh 'n t-acras oirnn.
Chaidh sinn suas gu taigh MhicAmhlaidh
O 'n a 's e a b' fhaisg' air làimh oirnn,
Fhuair sinn aran coirce 's càbhraich,
'S bu mhall leinn an t-altachadh.
Co-dhiù bhios cùisean bog no cruaidh
Feumaidh mise cumail suas,
'S fad' 's a bhios mo chusgais [stais] ruadh
Cha toir mi suas nach fhaigh mi té.
Tha mi gun airgead 'san àm,
'S mi gun sgillinn a gheibh dhomh dram,
'S mar a bh' e a' bhean 's a' chlann,
Cha tugainn taing air Catherine.
Falbhaidh mi tràth 'sa Mhàirt,
Gabhaidh mi suas an canal,
Nì mi mar rinn Seumas Màiri,
Théid mi thàmh do Halafacs.
Notes (fieldnotes):
"SONG FOR THE BOAT CATHERINE COMPOSED BY CAPT. JOHN MACKINNON ('IAIN MHÌCHEIL MAC IAIN MHÓIRE')"
Reference sources:
History of Christmas Island Parish, Archibald J. MacKenzie (1926), p. 159
Team notes:
Cusgais (moustache).