GF293i05 ÒRAN DO 'N T-SOITHEACH CATRÌONA Beulaiche: Flòraidh Bheag | Flora MacLean Bàrd: Iain Mhìcheil 'ic Iain Mhòir 'ic Iain Òig | Captain John MacKinnon [Séist:] I illein o illein i, I illein aillein o, Faill il eileadh, 's ho ro i, Gu dé nì mi mur fhaigh mi thu? 'S gura Iain bha gu cianail A' dealachadh ri Catrìona, Gun dùil a faicinn gu sìorruidh Mu chrìochan Sheanacadi. Nuair a chaidh sinn air an t-snàmh, Rìgh, 's e 'n sàile nach robh blàth; Iagan Iain Dhòmhnuill cho làidir, Shnàmhadh e mar bhradan beag. Nuair a bha sinn anns a' ghàbhadh, 'S a chlisg e gum bitheamaid bàite, Thuirt e, "M' eudail, Màiri Shandi, B' àluinn a bhith 'n taice riut." Nuair a thàinig sinn air tìr. Bha sinn fliuch, fuar, agus sgìth; Bha sinn riatanach air tì, 'S gur cinnteach gu robh 'n t-acras oirnn. Chaidh sinn suas gu taigh MhicAmhlaidh O 'n a 's e a b' fhaisg' air làimh oirnn, Fhuair sinn aran coirce 's càbhraich, 'S bu mhall leinn an t-altachadh. Co-dhiù bhios cùisean bog no cruaidh Feumaidh mise cumail suas, 'S fad' 's a bhios mo chusgais [stais] ruadh Cha toir mi suas nach fhaigh mi té. Tha mi gun airgead 'san àm, 'S mi gun sgillinn a gheibh dhomh dram, 'S mar a bh' e a' bhean 's a' chlann, Cha tugainn taing air Catherine. Falbhaidh mi tràth 'sa Mhàirt, Gabhaidh mi suas an canal, Nì mi mar rinn Seumas Màiri, Théid mi thàmh do Halafacs.