Seinn hiuraibh bhìnn o
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF293i03 SEINN HIURAIBH BHÌNN O
Beulaiche: Flòraidh Bheag | Flora MacLean
[Séist:] Seinn hiùraibh bhìnn o,
Ho éileadh o ro,
Seinn hiùraibh bhìnn o,
Éileadh o ho ro hi.
Gur e 'm bàta caol daraich,
Thog na saoir aig an doras,
Cha bhi mise 'ga moladh,
Cha do locair 'ad i.
Aonghas bha crionna,
Nuair a roghainn e am bliadhna,
Bhith treobhadh 's cliathadh,
'S bhith 'g iasgach le lìn.
'S iomadh oidhche glé shàraicht',
A thug mise 'gan àrach,
Nuair a dh'fhàsas sibh làidir,
Carson a dh'fhàgas sibh mi.
Dhèanainn airgead a' stoirm,
Air fairge 's air fearainn,
Stiùirinn long nan trì chrannaibh,
Ò cha b' aineolach mi.
Chan fhàg mi mo mhàthair,
No m' athair gu h-àraid,
Cha ghabh mi fear grànnda,
Gur is àlainn mi fhìn.
Tha na gillean cho carach,
Bidh iad daonnan a' mealladh,
'S mi gun fios a'm fon talamh,
Co-dhiù leanas mi fhìn.
Nuair a bha mi òg gòrach,
Gus an toll air mo phòca,
'S mi nach steapadh mu storan,
Taighean-òil 's a bhithinn.
Tha mi seo anns an oisean,
Ann an fhang 'san aon ursainn,
Mi a' feitheamh an t-soluis,
'S mi ag osnaich leam fhìn.
'S ann air feasgar DiCiadain,
A chaidh mise ga h-iarraidh,
Le 'm eachan is le 'm dhìollaid,
Bha mo shliosaidean sgìth.
'S gura a ràinig mi 'n t-àite,
Far robh a h-athair a' tàmh ann,
Shuidh mi an taca ri màthair,
'S thug mi làmh air mo phìob.
Reference sources:
An t-Òranaiche, ed. Trueman E. Matheson (2004), p. 395