GF293i03 SEINN HIURAIBH BHÌNN O Beulaiche: Flòraidh Bheag | Flora MacLean [Séist:] Seinn hiùraibh bhìnn o, Ho éileadh o ro, Seinn hiùraibh bhìnn o, Éileadh o ho ro hi. Gur e 'm bàta caol daraich, Thog na saoir aig an doras, Cha bhi mise 'ga moladh, Cha do locair 'ad i. Aonghas bha crionna, Nuair a roghainn e am bliadhna, Bhith treobhadh 's cliathadh, 'S bhith 'g iasgach le lìn. 'S iomadh oidhche glé shàraicht', A thug mise 'gan àrach, Nuair a dh'fhàsas sibh làidir, Carson a dh'fhàgas sibh mi. Dhèanainn airgead a' stoirm, Air fairge 's air fearainn, Stiùirinn long nan trì chrannaibh, Ò cha b' aineolach mi. Chan fhàg mi mo mhàthair, No m' athair gu h-àraid, Cha ghabh mi fear grànnda, Gur is àlainn mi fhìn. Tha na gillean cho carach, Bidh iad daonnan a' mealladh, 'S mi gun fios a'm fon talamh, Co-dhiù leanas mi fhìn. Nuair a bha mi òg gòrach, Gus an toll air mo phòca, 'S mi nach steapadh mu storan, Taighean-òil 's a bhithinn. Tha mi seo anns an oisean, Ann an fhang 'san aon ursainn, Mi a' feitheamh an t-soluis, 'S mi ag osnaich leam fhìn. 'S ann air feasgar DiCiadain, A chaidh mise ga h-iarraidh, Le 'm eachan is le 'm dhìollaid, Bha mo shliosaidean sgìth. 'S gura a ràinig mi 'n t-àite, Far robh a h-athair a' tàmh ann, Shuidh mi an taca ri màthair, 'S thug mi làmh air mo phìob.