Luadhadh an Taigh Mhic Amhlaidh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF290i05 LUADHADH AN TAIGH MHIC AMHLAIDH
Bàrd: John MacLean
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
[Séist:] Ho rò b' e mo rùn thu
Ma chuir thu do chùl rium
O 's ann a tha mo rùn air
An nighean dubh a thréig mi
'S an cuala sibh a chàirdean
Mu 'n froilig a bh' aig mo nàbaidh
Cha chualas riabh a h-aighear
Bho bha [a' Chàisg?] ann an Éipheit
Bha cofaidh agus tì ac'
Aran agus ìm 'is
Na bh' aca do mhìn
Cha robh innse mu 'n deidhinn
[BREAK IN TAPE]
Bha Maggie 's i cho stylish
Agus théid time oirr'
'Na seasamh aig an staidhre
'S i faighneachd dha'n téile
Thuirt Bealag a's a' Ghàidhlig
'S i dol bho far robh màthair
"Seallaibh na tha gràisg ann
'S gun àite a's an téid 'ad"
'S e Bealag bha gu dòigheil
I fhéin agus "Nògaidh"
Gur iad a bha còir
Gun do thòisich an déideadh
'S ann a-raoir na [cnatan/Granntan?]
Nuair a ghlas 'ad Eàrdsaidh
E fhéin 'is Murray Dhàin
Ann an àite le chéile
'S ann a-raoir nach suarach
Sheinn Anna Ruairi
Nach d' thug 'ad dha'n a' luaidh i
'S cha b' uasal an ceum e
'S nuair chluinneas 'ad a' bhàrdachd
Sìnidh 'ad ag ràitinn
'S e obair Sheonaidh Dhàin i
An dràsd' chur ri chéile
Team notes:
The composer was the informant's uncle.