GF290i05 LUADHADH AN TAIGH MHIC AMHLAIDH Bàrd: John MacLean Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Séist:] Ho rò b' e mo rùn thu Ma chuir thu do chùl rium O 's ann a tha mo rùn air An nighean dubh a thréig mi 'S an cuala sibh a chàirdean Mu 'n froilig a bh' aig mo nàbaidh Cha chualas riabh a h-aighear Bho bha [a' Chàisg?] ann an Éipheit Bha cofaidh agus tì ac' Aran agus ìm 'is Na bh' aca do mhìn Cha robh innse mu 'n deidhinn [BREAK IN TAPE] Bha Maggie 's i cho stylish Agus théid time oirr' 'Na seasamh aig an staidhre 'S i faighneachd dha'n téile Thuirt Bealag a's a' Ghàidhlig 'S i dol bho far robh màthair "Seallaibh na tha gràisg ann 'S gun àite a's an téid 'ad" 'S e Bealag bha gu dòigheil I fhéin agus "Nògaidh" Gur iad a bha còir Gun do thòisich an déideadh 'S ann a-raoir na [cnatan/Granntan?] Nuair a ghlas 'ad Eàrdsaidh E fhéin 'is Murray Dhàin Ann an àite le chéile 'S ann a-raoir nach suarach Sheinn Anna Ruairi Nach d' thug 'ad dha'n a' luaidh i 'S cha b' uasal an ceum e 'S nuair chluinneas 'ad a' bhàrdachd Sìnidh 'ad ag ràitinn 'S e obair Sheonaidh Dhàin i An dràsd' chur ri chéile