An Oidhche Bha Luadhadh Ann
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF290i04 AN OIDHCHE BHA LUADHADH ANN
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Bàrd: Lazarus | Norman W. MacDonald
[Séist:] Ho ró b'e mo rùn thu,
Ma cuir thu do chùl rium
O 's ann a tha mo rùn air
An nighean dubh a thréig mi.
'S an oidhche bha luadhadh ann
'S rinn na balaich gluasad;
Gun d' style iad air an tuath i,
Gur truagh mar na dh'éirich.
Sìos aig àite Tharmaid
Thachair i gu garbh riuth';
Thuirt Beileag Mhór, "Gu dearbha
Tha 'n dearg air a' bhéist ud."
'S ann an uair sin dheònaich 'ad
Gun déidheadh Aingidh còmhla riuth';
'S ann aig Niall Beag bha spòrs orr',
'S na boys air na reins.
'S thuirt Donald John gu coibhneil,
"Fuiligidh an t-sleigh poidhle;
'S e Calum rinn a' ghoibhneachd
'S gach splice a chur ri chéile".
'S e Dànaidh bha gu stylish,
Agus théid taidhm air
Bu neònach nach do find e
Air maighdean [leis fhéin?]
'S e Ailidh bha gu pròiseil
Nuair fhuair e còmhla ri Seònaid;
Bha ghaileis fo 'n a' stòbh
Is a bhrògan fo 'n t-seidhir.
'S tha Dòmhnall ann ag ràitinn
Gum pòs e gun dàil i
Gun iarraidh e air Màiri
'S an drasd', cha bhi éis ann