GF290i04 AN OIDHCHE BHA LUADHADH ANN Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Bàrd: Lazarus | Norman W. MacDonald [Séist:] Ho ró b'e mo rùn thu, Ma cuir thu do chùl rium O 's ann a tha mo rùn air An nighean dubh a thréig mi. 'S an oidhche bha luadhadh ann 'S rinn na balaich gluasad; Gun d' style iad air an tuath i, Gur truagh mar na dh'éirich. Sìos aig àite Tharmaid Thachair i gu garbh riuth'; Thuirt Beileag Mhór, "Gu dearbha Tha 'n dearg air a' bhéist ud." 'S ann an uair sin dheònaich 'ad Gun déidheadh Aingidh còmhla riuth'; 'S ann aig Niall Beag bha spòrs orr', 'S na boys air na reins. 'S thuirt Donald John gu coibhneil, "Fuiligidh an t-sleigh poidhle; 'S e Calum rinn a' ghoibhneachd 'S gach splice a chur ri chéile". 'S e Dànaidh bha gu stylish, Agus théid taidhm air Bu neònach nach do find e Air maighdean [leis fhéin?] 'S e Ailidh bha gu pròiseil Nuair fhuair e còmhla ri Seònaid; Bha ghaileis fo 'n a' stòbh Is a bhrògan fo 'n t-seidhir. 'S tha Dòmhnall ann ag ràitinn Gum pòs e gun dàil i Gun iarraidh e air Màiri 'S an drasd', cha bhi éis ann