A Dhòmhnallain Duibh, Dhòmhnaill é o
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF290i03 A DHÒMHNALLAIN DUIBH, DHÒMHNAILL É O
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Tar-Sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw
[Séist:] A Dhòmhnallain Duibh, Dhòmhnaill é o
Hì ri rì hill ù hill éileadh
Dhòmhnallain Duibh, Dhòmhnaill é o
Chuala mi gun deach do bhàthadh.
Ann an damm [dam] na muillin-shàbhaidh.
Cha robh Dòmhnall gun bhith gléidhteach.
Thug seachd bliadhna an cuan an Éirinn.
Cumail Gàidhlig ri luchd Beurla.
Cumail Laideann ri luchd Greugais.
Nuair a thig mo Dhòmhnall dhachaigh.
'S cinnteach dhomhs' am pasgan anart.
Ribean is cìr-chùl a' falach.
Chuirinn-s' a' long mhór 'gad iarraidh.
Long mhór na steamer iarainn.
Gheobhainn gillean, chosgainn biadh riuth'.
Cha b' e an t-aran dubh bu bhiadh dhaibh.
Peasair agus muic-fheòil bhiadhta.
Reference sources:
Songs Remembered in Exile, ed. John Lorne Campbell (1990), p. 176