GF290i03 A DHÒMHNALLAIN DUIBH, DHÒMHNAILL É O Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Tar-Sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw [Séist:] A Dhòmhnallain Duibh, Dhòmhnaill é o Hì ri rì hill ù hill éileadh Dhòmhnallain Duibh, Dhòmhnaill é o Chuala mi gun deach do bhàthadh. Ann an damm [dam] na muillin-shàbhaidh. Cha robh Dòmhnall gun bhith gléidhteach. Thug seachd bliadhna an cuan an Éirinn. Cumail Gàidhlig ri luchd Beurla. Cumail Laideann ri luchd Greugais. Nuair a thig mo Dhòmhnall dhachaigh. 'S cinnteach dhomhs' am pasgan anart. Ribean is cìr-chùl a' falach. Chuirinn-s' a' long mhór 'gad iarraidh. Long mhór na steamer iarainn. Gheobhainn gillean, chosgainn biadh riuth'. Cha b' e an t-aran dubh bu bhiadh dhaibh. Peasair agus muic-fheòil bhiadhta.