GF290i02 'S GANN GUN TILL SINN A CHAOIDH Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Séisd:] 'S gann gun till sinn a chaoidh Dh' fhàg siud m' inntinn fo mhulad 'S gann gun till sinn a chaoidh Bliadhna air fhichead mìos 's roimhe a ghaoil Tha mi 's gum bheil fhios air ghille dhuibh 'Nochd tha sinn air tìr nan Éirinn B' fheudar dhuinn an ceum a chumail 'Nochd tha sinn air tìr nan Ìleach Fhuair sinn nigheanag 'laigh fo 'n ùr-fhàs 'Nochd tha sinn air tìr 'san Òban Chaill sinn ar luchd-eòlais uileadh 'Nuair chaidh an adharc a shéideadh 'S ann a dh' éirich falt mo mhulaid