Ó hì og ì ó
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF289i06_290i01 Ó HÌ OG Ì Ó
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
[Séisd:] Ó hì og ì ó
A Mhòrag 's na ho ro gheallaidh
Ó hì og ì ó
A Mhòrag bheag a chùil dualaich
'S tric do luaidh a' tighinn air m' aire
A Mhòrag bheag, nighean Dhòmhnaill Mhàrtainn
Dh'òlainn do deoch-slàint' an glainne
'S truagh nach robh mis' is mo Mhàiri
'Muigh air àirigh a' chrodh-bhainne
Bidh sinn mun tigeadh an Geamhradh
A's a' ghleann 'sa bheil am bainne
Mar ri comann gillean gòrach
Aig tha 'n deòin a dh'òl an drama
Mar ri comann gillean suairce
Dheanadh suas ri trian cadal
'S truagh nach robh mi 'n riochd na steàrnag
Sheòladh àrd air bhàrr na mara
'S truagh nach robh mise fo 'n fhòid
An ciste nam bòrdannan tana
Mur robh mi coimhead nan coinnlean
A gabhail a-raoir air do bhanais
Mis' a-muigh air long a' seòladh
Mi gun dòigh air thighinn gu baile
Dìreadh a's na crannan àrda
'S fhad' à ghràidh a léir m' anail
Nam faighinn na leacan bàna
Cha chluinn mo mhàthair mo ghearan
[BREAK IN TAPE]
'S truagh nach robh mise fo 'n fhòid
An ciste nam bòrdannan tana
An ciste nam bòrdannan dùinte
Òrd an saoir an déidh am barradh
A Mhòrag bheag a chùil rìomhaich
Dhèanainn-sa do chìr a cheannach
Mise 's bean a' mhuineal àlainn
Dh'òlainn do dheoch slàint' an glainne
Mise 's bean a' mhuineal tighead
Gruaidh mar fhìon' ga cuir an glainne
'Nuair a théid thu 'mach a dh'fhiadhach
Bu trom do thriall chon a' bhaile
Leagaidh tu le do chuilbhear
Le gunna, le d' chù 'na dheannaibh
Leagaidh tu 'n damh donn a' bhùirean
A-null air 'n d' rùchdadh air anail
Leag e duineal air a' cliathaich
Air a cliathaich iste greannaich
[BREAK IN TAPE]
O gìomanach gun na bheil airgead
Leagadh tu 'n damh dearg 's a' langan
Gìomanach gun na bheil òig
Leagaidh tu nì àrd ‘s na crannan