GF289i06_290i01 Ó HÌ OG Ì Ó Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Séisd:] Ó hì og ì ó A Mhòrag 's na ho ro gheallaidh Ó hì og ì ó A Mhòrag bheag a chùil dualaich 'S tric do luaidh a' tighinn air m' aire A Mhòrag bheag, nighean Dhòmhnaill Mhàrtainn Dh'òlainn do deoch-slàint' an glainne 'S truagh nach robh mis' is mo Mhàiri 'Muigh air àirigh a' chrodh-bhainne Bidh sinn mun tigeadh an Geamhradh A's a' ghleann 'sa bheil am bainne Mar ri comann gillean gòrach Aig tha 'n deòin a dh'òl an drama Mar ri comann gillean suairce Dheanadh suas ri trian cadal 'S truagh nach robh mi 'n riochd na steàrnag Sheòladh àrd air bhàrr na mara 'S truagh nach robh mise fo 'n fhòid An ciste nam bòrdannan tana Mur robh mi coimhead nan coinnlean A gabhail a-raoir air do bhanais Mis' a-muigh air long a' seòladh Mi gun dòigh air thighinn gu baile Dìreadh a's na crannan àrda 'S fhad' à ghràidh a léir m' anail Nam faighinn na leacan bàna Cha chluinn mo mhàthair mo ghearan [BREAK IN TAPE] 'S truagh nach robh mise fo 'n fhòid An ciste nam bòrdannan tana An ciste nam bòrdannan dùinte Òrd an saoir an déidh am barradh A Mhòrag bheag a chùil rìomhaich Dhèanainn-sa do chìr a cheannach Mise 's bean a' mhuineal àlainn Dh'òlainn do dheoch slàint' an glainne Mise 's bean a' mhuineal tighead Gruaidh mar fhìon' ga cuir an glainne 'Nuair a théid thu 'mach a dh'fhiadhach Bu trom do thriall chon a' bhaile Leagaidh tu le do chuilbhear Le gunna, le d' chù 'na dheannaibh Leagaidh tu 'n damh donn a' bhùirean A-null air 'n d' rùchdadh air anail Leag e duineal air a' cliathaich Air a cliathaich iste greannaich [BREAK IN TAPE] O gìomanach gun na bheil airgead Leagadh tu 'n damh dearg 's a' langan Gìomanach gun na bheil òig Leagaidh tu nì àrd ‘s na crannan