Simon Friseal agus an t-Seann Làir
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF287i06_288i01 SIMON FRISEAL AGUS AN T-SEANN LÀIR
Beulaiche: Lachlan Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan
Bha caraide mhór làidir dhomh ann an seo uair, ris an canadh iad Sìm Friseal, Simon Friseal. Bha e 'na dhuine mór, foghaineach, làidir. Agus bha e a cheart cho fialaidh sin. Agus a cheart a cho annasach. Bha e cho geur theangach ['s a bha riamh]—chaidh a thogail riamh anns an àit' seo. Ach tha mi dol a dh'innse dhuibh naidheachd bheag mu dhéidhinn.
Chaidh e a choimhead air nàbuidh dhomh an seo triop. O, bha seo mun d' rugadh mise. Agus 's e Mìcheal Ruairidh Mac 'Illeothain a theireadh iad ris. Agus bha seann làir aig Mìcheal. Ah, ma dh'fhaoidte gu robh i dh'fhaoidte fichead bliadhna. Agus thuirt e ri Simon, "Shimon," thuirt e, "An toir thu leat a' làir?"
"Bheir," thuirt Simon. "Bheir mise leam an làir," thuirt esan. "Tha seann each agam dìreach—tha mi dol a dh'fhaighinn cuidteas e air an uair seo, agus ma dh'fhaoidte gun dèan an t-seann làir—gun toir i dhachaidh an connadh dhomh air a' gheamhradh seo agus gun cuir i sìos an gràin dhomh toiseach an t-samhraidh."
Ach thug e leis an t-seann làir, ach co-dhiù aig Mìcheal, Mìcheal Ruairidh bha dà sheann phiùthair aige, Màiri agus Seònaid. Agus bha iad glé thruagh chridheach a' faicinn a' seann làir a' falbh.
Ach co-dhiù no dheth, an ath, an ath thòiseach samhraidh, có thàinig a-staigh ach Simon agus bha e bruidhinn, agus mu dheireadh fhuair tè dheth na seann h-igheannan greim air is thuirt i, "Shimon," thuirt i, "Gu dè an doigh a th' air an t-seann làir?"
"O," thuirt Simon 's e dìreach cur a-mach smugaid beag de thombaca. "A bhean bheannaichte," thuirt e, "'S fhada 's fhada bho 'n a bha na fithich a' seinn leadain bhos a cionn."
Ma dh'fhaoidte gura h-e, 's e Simon a bh' ann, agus triop dhe na triopan bha seann each aige, agus bhàsaich e, a-null deireadh an earraich, ach an uair ud 's ann an, ann a nineteen eighteen—no naoidh ceud deug 's a h-ochd deug—bha prìs mhòr air seicheanan, agus thug e leis Dòmhnall MacNìll, nàbaidh dha fhéin, is chaidh 'ad sìos dha 'n acarsaid is thugadh—thug Simon leis an t-seiche. Agus 's e fear Lawrence a cheannaich an t-seiche is thug e, thuirt e ri Simon, thuirt e—o, chaidh mi beagan far mo sgeula. 'S ann a chaidh an seann each—thuit e anns an tobair is chaidh a bhàthadh.
Aon sgeula bheag eile air Simon, a dh'innse dhuibh cho geur theangach agus cho fiachail 's a bha e 's a h-uile dòigh. O bha each math, bha each mór trom ruadh aige. Agus a-nunn 's a' gheamhradh, nuair a thigeadh an geamhradh 's an Dùbhaltachd cruaidh, sia troighean de sheachd air an talamh, bha an tobair aig Simon, cha robh e fada bho 'n taigh—bho 'n t-sabhal, no bho 'n taigh, ach chaidh an t-each bochd a-mach a ghabhail deoch, agus dé rinn e ach chaill e a chasan, dìreach thuit e agus chaidh e an comhair a chinn dha 'n tobair, is chaidh a bhàthadh. 'S ann an naoidh ceud deug 's a h-ochd deug a thachair seo agus aig—aig an àm sin bha prìs na seicheanan glé àrd. Thug Simon bochd a-mach an t-each is fheann e ás. Chaidh e a choimhead air Dòmhnall MacNìll. "Uill, a Dhòmhnaill," thuirt esan. "Dh'innis mi dhut dé dh'éirich dhan each."
Agus thuirt Dòmhnall ris na bh' ann dhen fheann uill niste théid sinn sìos leis an t-seiche, 's gheobh thu mach air fichead dolar oirre."
Ach co-dhiù chaidh iad sìos dha 'n acarsaid. Agus 's e fear Lawrence a bha a' ceannachd nan seicheanan, neo-ar-thaing nach robh e eòlach air Simon. "Uill a-nis a Shimon," thuirt e anns a' Bheurla, "a spring hide," thuirt e, "Is not worth so much."
"Very good," thuirt Simon, "Give me what it's worth." Fhuair e dh'fhaoidte seachd dolar dheug oirre, agus bha iad air an rathad dhachaidh is bha Simon a' meòrachadh gu cruaidh. Thug e a' sin dheth a cheap agus thachais e a cheann agus thionndaich e ri Dòmhnall is thuirt e, "A Dhòmhnaill," thuirt esan, "Nach eil an gaol a' sgoil?"
"Ciamar seo?" thuirt Dòmhnall.
"Ciamar" a thuirt esan, "A bha fios aig mac an dìobhail," ors' esan, "gur anns an tobair," a thuirt esan, "A thuit an t-each agamas."
Team notes:
Cf. John Dan MacKinnon, "Sìm Friseal agus Am Mart (Spring Hides)," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, May 26, 1980.