​​GF287i01N ÒRAN AIR OIDHCHE SHAMHNA (LE RO-RÀDH) (CUINGICHTE) Beulaiche: John Dan Nìll Mac na Bantraich | John Dan MacNeil Bàrd: Bean Mhìcheil Steaphainn , Catrìona NicNìll | Catherine MacNeil Bhiodh rathad goirid eadar an t-àit' ris an can 'ad "An Cùl Beag" agus àite Dhòmhnaill Dunn, 's àite Stephen Dunn. Agus thàinig -- air oidhche Shamhna, thàinig an triùir dhiubh bha seo, triùir do ghillean òga, tha mi 'creidsinn ma dh'fhaoidte gun robh 'ad ri beagan do dh'òl, thòisich 'ad ri -- smaointich 'ad gun tòisicheadh 'ad ri cleasan a dhèanamh aig àite Dhòmhnaill Dunn. Agus 's ann a rinn 'ad beagan do mhilleadh ann. Agus chaidh òran a dheànamh dhaibh, co-dhiù. Séist: Ho roil a' càin a chunna mi Hi rill a' càin a chunna mi Ho roil a' càin a chunna mi 'S thàinig triùir ás Chùil Bhig Is ghabh 'ad cross na mullaichean Chaidh 'ad a dh'àite Dhòmhnaill Dunn 'S gun d' rinn 'ad plunder ifhrinn ann Thug Dòmhnall Aonghais breab dha 'n phorch Is leag e h-uile tuba a bh' ann Bha Dòmhnall Dunn a-muigh a's a léinidh 'S e 'g éibheachd nan cunnartan Sin na th' agamsa dheth.