Back to recordings

Òran an t-Soithich

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF286i05 ÒRAN AN T-SOITHICH


Beulaiche: Ealasaid ni'n Ruairidh an t-Saoir | Elizabeth MacNeil
Bàrd: Flora MacDonald | Flòraidh Dhòmhnallach



[Séist:] Mala chaol 'is beul tana
Slios mar fhaoilinn na mara
'S buidh' an fhear gun d' thug thu luaidh
Ged nach d' fhuair e ort gheallaibh


'S ann Disathuirne ro 'n fhéill
Thug sinn cùrs' air na crannaibh
Gu robh sinn uile fo bhròin
Nuair a sheòl sibh bho 'n chala


'S ann Disathuirne ro 'n fhéill
Thog sibh bréid ris na crannaibh
Gu robh sinn uileadh fo bhròin
Nuair a sheòl sibh bho 'n chala


Gur e 'n gille 's e ri stiùir
Toirt a' chùrsa bho 'n chala
Gu robh Seumas Dhòmhnaill air bhòrd
Anns a' fòrsail 'ga pasgadh


'S dh'fhalbh an gille 's e ri stiùir
Toirt a' chùrsa bho 'n chala
'S gu robh Seumas Dhòmhnaill air bhòrd
Anns' a' fòrsail 'ga pasgadh


Ach na dh'fhalbh air an fhéill
Chan eil feum bhith 'gan aithris
Nuair a thig na gillean òg'
Bidh ar dòchas ri banais


Ach na dh'fhalbh air an fhéill
Chan eil feum bhith 'gan aithris
Nuair a thig na gillean òg'
Bidh ar dòchas ri drama


Nuair a thig oirnn a' bhliadhn' ùr
'S bheir i sunnd air na fearaibh
Air a thilleas sibh a-nall
Gum bi a' bhranndaidh an tarraing


Nuair a thig oirnn a' bhliadhn' ùr
'S bheir i sunnd air na fearaibh
Air a thig na gillean òg'
Bi a' bhranndaidh an tarraing



Team notes:
The composer was the singer's grandmother. Joe Neil MacNeil is speaking in the background.

Elizabeth MacNeil
Baile nan Éireannach | Irish Vale 12 recordings Faic pròifil | view profile