GF286i05 ÒRAN AN T-SOITHICH Beulaiche: Ealasaid ni'n Ruairidh an t-Saoir | Elizabeth MacNeil Bàrd: Flora MacDonald | Flòraidh Dhòmhnallach [Séist:] Mala chaol 'is beul tana Slios mar fhaoilinn na mara 'S buidh' an fhear gun d' thug thu luaidh Ged nach d' fhuair e ort gheallaibh 'S ann Disathuirne ro 'n fhéill Thug sinn cùrs' air na crannaibh Gu robh sinn uile fo bhròin Nuair a sheòl sibh bho 'n chala 'S ann Disathuirne ro 'n fhéill Thog sibh bréid ris na crannaibh Gu robh sinn uileadh fo bhròin Nuair a sheòl sibh bho 'n chala Gur e 'n gille 's e ri stiùir Toirt a' chùrsa bho 'n chala Gu robh Seumas Dhòmhnaill air bhòrd Anns a' fòrsail 'ga pasgadh 'S dh'fhalbh an gille 's e ri stiùir Toirt a' chùrsa bho 'n chala 'S gu robh Seumas Dhòmhnaill air bhòrd Anns' a' fòrsail 'ga pasgadh Ach na dh'fhalbh air an fhéill Chan eil feum bhith 'gan aithris Nuair a thig na gillean òg' Bidh ar dòchas ri banais Ach na dh'fhalbh air an fhéill Chan eil feum bhith 'gan aithris Nuair a thig na gillean òg' Bidh ar dòchas ri drama Nuair a thig oirnn a' bhliadhn' ùr 'S bheir i sunnd air na fearaibh Air a thilleas sibh a-nall Gum bi a' bhranndaidh an tarraing Nuair a thig oirnn a' bhliadhn' ùr 'S bheir i sunnd air na fearaibh Air a thig na gillean òg' Bi a' bhranndaidh an tarraing