Nach e sin duan gach duine (le ro-ràdh)
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF286i01 NACH E SIN DUAN GACH DUINE (LE RO-RÀDH)
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
A bhith a' còmhradh mu dheidhinn gnàth-fhacail a bhiodh aig feadhainne, chuir mi beagan, tha mi 'smaoinninn, air clàr dheth sin mar a thà. Ach chuimhnich mi o chionn beagan làithichean air gnàth fhacal a bh' aig boireannach sònraichte agus nuair a bhiodh 'ad a' bruidhinn air rud, uill, 's e gnothach a bhiodh ann mar -- chanadh sinn -- a bha a h-uile h-aon mar gum bitheadh a' seanachas mu dheidhinn a' rud a bh'ann, no bha 'ad uile - bha an aon ghearain aig a h-uile duine co-dhiù, 's e gu robh droch shìde ann, no gu robh 'ad gann do bhiadh, spréidh, na gu be gu dé a bhiodh ann, na gu robh droch shìde ann airson togail bàrr na buain bhuntàta na gu dé bhiodh ann. Agus chanadh i, "O, nach e sin duan gach duine".