Back to recordings

Fìdhleirean: Anna Nic a'Phearsain

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF276i09 FÌDHLEIREAN: ANNA NIC A' PHEARSAIN


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Còmhla ris a h-uile seanchas a bhiodh againn ma thimcheall gnothaichean, bha sinn a’ bruidhinn mu dhéidhinn fìdhlearan. ’S e sin fìdhlearan air an d’ fhuair mi eòlas no air a—no chuala mi mu 'n deaghainn. Agus bha aon air an d' rinn mi—tha mi smaointinn gun do rinn mi dìochuimhne—boireannach, agus bha i—bha i fìor mhath gu fìdhlearachd cuideachd. Chuala mi i fìdhlearachd aig dannsa. Bhiodh i—bha i a’ cluich airson ceòl dannsa dhaibh, suidheachadh ceàrnach mar a bheirinn, mar a dh’fhaodas mi a’ cantail, tha mi creidsinn ’s e square set a bheireadh, bhiodh iad ag ràdh ris an danns’ a bh’ ann. ’S e Anna Nic a’ Phearsain a bha seo.


Ach bho 'n àm a chuala mise i cluich na fìdhleadh, phòs i fear Eòsaph MacÌosaig, Eòsaph 'Illeasbuig mhór 'ac Iòsaig. Ach—agus b' i fhéin, Anna nighean do Mhurchadh Uilleam Mhurchaidh Phearsain, ’ic a’ Phearsain. ’S thàinig Clann a’ Phearsain a bha sin a-nall, tha mi smaointinn gur ann a-nall—gur ann á Ùibhist a dh’fhalbh iad co-dhiù, ’s ann á Barraigh a thàinig iad a-nall dhe 'n cheàrna seo no nach ann. Agus bha—bhiodh iad sin càirdeach dha na Caimbeulaich agus dhe na Pearsanaich eile agus dhe—dhe na bha iad diofar dhe na Caimbeulaich, gidheadh is gu robh iad càirdeach do Chlann ’ic 'IlleMhaoil, nuair a rachadh daoine fad air ais ás, air a' sloinneadh, ach tha mi creidsinn gu robh, dh'fhoghainn dhomh seo ag ràidhinn aig an àm. Ach tha cuimhn’ agam air an, fhathast air a’ port a bha i a’ cluich, a bha i tòiseachadh an danns’ an oidhch’ a bha seo, bha iad ann an talla. Agus ’s e am port a bha sin, tha e ann an cruinneachaidhean ceòl Gàidhealachd fhathast ri faodainn, “My Love She is But a Lassie Yet”.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile