Back to recordings
Nach ann orra a chaidh uisge nan uighean bho fhear liath gu leanabh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF276i08 NACH ANN ORRA A CHAIDH UISGE NAN UIGHEAN BHO FHEAR LIATH GU LEANABH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha sinn a' còmhradh mu dheoghainn rudan neònach a bhitht' a' géill—creidsinn ann 's a bhithte labhairt mu dheidhinn. 'S nam biodh feadhainn ann, obh co dhiubh bha 'ad mì-shealbhach na .... ach, gu sònraichte nam biodh rud neònach mu 'n timcheall, bhiodh 'ad dona gu deanamh suas sgeul, gu deanamh bhreugan suas na leithid sin, agus ma bha e paillt anns an teaghlach, ma bha triùir na ceathrar ann 's gu robh cùisean nach gabhadh aon seach aon dhiubh móran earbs' a chur annt' na 'n cuid seanchais, chanadh 'ad, "O, nach ann orra a chaidh uisge nan uighean bho fhear liath gu leanabh."