Back to recordings

Sìm Friseal agus Am Mart (Spring Hides)

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF276i03 SÌM FRISEAL AGUS AM MART


Beulaiche: Iain mac Phàdruig Iain | John Dan MacKinnon
Tar-Sgrìobhadh: Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)


Trup a bha mart aig Simon 's chaidh i 'mach gu deoch 's chaidh i a bàthadh 's an fhuaran. 'S chaidh i an comhair a cinn anns an, a nunn a's t-Earrach a bh' ann. Ach co-dhiù, dh'fhalbh Simon 's dh' fhionn e am mart. 'S dh' fhalbh e dha 'n stòr leis an t-seiche. Bha e 'smaoinich gu robh e 'dol a dh' fhaighinn pris mhór oirr', ach thuirt fear a' stòr ris, ann am Beurla, "Well, Simon, we don't pay much for spring hides."
Ach, co-dhiù, cha robh e ro thoilichte ach b' fheudar dha gabhail leis a' ghnothach mar a bha e. Thàinig e dhachaigh 's bha e 'g innse dar a ràinig e dhachaidh, "Cuimhnich thusa, mac ifrinn," thuirt esan, "nach e a bha geur, cho math 's a bha fhios aig' gur ann 's an fhuaran a chaidh i a bàthadh."



Reference sources:
Bun is Bàrr, "Sìm Friseal agus am Mart," An Drochaid Eadarainn, https://web.archive.org/web/20250419141505/https://www.androchaid.com/forum/st%C3%B2raidhean-naidheachdan/s%C3%ACm-friseal-agus-am-mart

Team notes:
Cf. Lauchie MacLellan, "Simon Friseal agus an t-Seann Làir," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, September 8, 1980.