GF276i03 SÌM FRISEAL AGUS AM MART Beulaiche: Iain mac Phàdruig Iain | John Dan MacKinnon Tar-Sgrìobhadh: Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum) Trup a bha mart aig Simon 's chaidh i 'mach gu deoch 's chaidh i a bàthadh 's an fhuaran. 'S chaidh i an comhair a cinn anns an, a nunn a's t-Earrach a bh' ann. Ach co-dhiù, dh'fhalbh Simon 's dh' fhionn e am mart. 'S dh' fhalbh e dha 'n stòr leis an t-seiche. Bha e 'smaoinich gu robh e 'dol a dh' fhaighinn pris mhór oirr', ach thuirt fear a' stòr ris, ann am Beurla, "Well, Simon, we don't pay much for spring hides." Ach, co-dhiù, cha robh e ro thoilichte ach b' fheudar dha gabhail leis a' ghnothach mar a bha e. Thàinig e dhachaigh 's bha e 'g innse dar a ràinig e dhachaidh, "Cuimhnich thusa, mac ifrinn," thuirt esan, "nach e a bha geur, cho math 's a bha fhios aig' gur ann 's an fhuaran a chaidh i a bàthadh."