Dì-moladh na Tì
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF274i05 DÌ-MOLADH NA TÌ
Beulaiche: Dòmhnall Iain mac Iain | Donald John MacArthur
Bàrd: Bàrd Bhaile Mhàrtainn | John MacLean
[Séist:] 'Illean a' chomainn a' siubhal nan garbhlaich
Thig agus innis dhomh 'nis a's an aimsir
Càit' a bheil caileag cho fallain ri seanmhair?
Tha 'ad air searg le [galar na tì | dh'òl na tì?]
Nuair a thigeas am bainne ann an toiseach an t-samhraidh
Leanaidh na caileagan fasan a' gheamhraidh
Fiacail fhallain 's chan fhaigh thu 'nan ceann
'S na bunan bhios ann air dubhadh le tì
'S màthair an leinibh, mu 'n coisich e 'n t-ùrlar
Bheir i dha cupa do thì air a ghlùinean
Chan eil e ro mhilis o 'n theirig a' siùcar
'S lagaich i 'lùths ás uile le tì
'S marsanan bhaile 's a h-uile gu léir
A rinn an droch fhasan a mhnathan a chéile
Giobail do bhodach a thàinig á Éirinn
Chuir 'ad bho fheum e buileach le tì.
'S bodach a' bhrochain a dh'itheadh gu [h-eadarail?]
Sunndach, sonaichte bonnach a' leth-òirlich
Làmh fo leth-cheann ag éigheachd 's a' gul
'S cha téid e gu leabaidh gu faigh e 'chuid tì.
'S chitheadh tu cailleach 'na suidh' a's an éibhlean
Bonnaid fo leth-cheann 's i 'gearan an déididh
Cha doir i dhut freagairt mur doir air éiginn
Bidh i cho breun gu faigh i ['n cup'/cui[d]?] tì
'S chitheadh tu dithis 'nan suidh' air an ùrlar
Coimhead cho greannach 's le shùil gu dùnadh
Bhiodh 'ad colta' ri runnag na smùide
'S chuireamaid sunnd orr' uile le tì
'S cailleach nam breug 's an fhios aic' 's an fhiuraidh
Ciamar a 's urrainn na 's aithne dhi innse?
Ciamar a bhitheas sinn clìor ás an t-aineòlach
Fhad 's fhios ar n-ainm an leabhar na tì?
Reference sources:
Angus Stephen Beaton MSS (PB 1633 U5), Celtic Collection, St. Francis Xavier University, p. 194; Na Bàird Leathanach: The MacLean Bards, ed. Rev. A. MacLean Sinclair (1900), p. 107