GF274i05 DÌ-MOLADH NA TÌ Beulaiche: Dòmhnall Iain mac Iain | Donald John MacArthur Bàrd: Bàrd Bhaile Mhàrtainn | John MacLean [Séist:] 'Illean a' chomainn a' siubhal nan garbhlaich Thig agus innis dhomh 'nis a's an aimsir Càit' a bheil caileag cho fallain ri seanmhair? Tha 'ad air searg le [galar na tì | dh'òl na tì?] Nuair a thigeas am bainne ann an toiseach an t-samhraidh Leanaidh na caileagan fasan a' gheamhraidh Fiacail fhallain 's chan fhaigh thu 'nan ceann 'S na bunan bhios ann air dubhadh le tì 'S màthair an leinibh, mu 'n coisich e 'n t-ùrlar Bheir i dha cupa do thì air a ghlùinean Chan eil e ro mhilis o 'n theirig a' siùcar 'S lagaich i 'lùths ás uile le tì 'S marsanan bhaile 's a h-uile gu léir A rinn an droch fhasan a mhnathan a chéile Giobail do bhodach a thàinig á Éirinn Chuir 'ad bho fheum e buileach le tì. 'S bodach a' bhrochain a dh'itheadh gu [h-eadarail?] Sunndach, sonaichte bonnach a' leth-òirlich Làmh fo leth-cheann ag éigheachd 's a' gul 'S cha téid e gu leabaidh gu faigh e 'chuid tì. 'S chitheadh tu cailleach 'na suidh' a's an éibhlean Bonnaid fo leth-cheann 's i 'gearan an déididh Cha doir i dhut freagairt mur doir air éiginn Bidh i cho breun gu faigh i ['n cup'/cui[d]?] tì 'S chitheadh tu dithis 'nan suidh' air an ùrlar Coimhead cho greannach 's le shùil gu dùnadh Bhiodh 'ad colta' ri runnag na smùide 'S chuireamaid sunnd orr' uile le tì 'S cailleach nam breug 's an fhios aic' 's an fhiuraidh Ciamar a 's urrainn na 's aithne dhi innse? Ciamar a bhitheas sinn clìor ás an t-aineòlach Fhad 's fhios ar n-ainm an leabhar na tì?