Back to recordings
Tha mo rùn air a' ghille
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF264i04 THA MO RÙN AIR A' GHILLE
Beulaiche: Seonaidh mac Dhòmhnaill ‘ic Dhòmhaill ‘ic Fhilib ‘ic Dhòmhnaill ‘ic Chaluim | Johnny MacDonald
Bàrd: Ceit Mhunn | Catherine Munn
Séisd: Tha mo rùn air a' ghille
'S mór mo dhùil ri thu thilleadh
'S mi gu siùibhleadh leat dha 'n fhireach
Fo shileadh na fuar-bheann.
Gur beag a shaoilinn fhìn an uiridh
Gun tréigeadh tu mi gu buileach
Mar a deargan craobh a duilleach
Dh'fhàs thu umam suarach.
Ged tha blàth na bric air t' aodann
Cha do lughdaich sin mo ghaol ort
Mi gu siùileadh leat a' saoghal
Na saoilinn do bhuanndachd.
Oidhche Shamhna 's mi 'nam ònar
Smaointich mi gun deanainn òran
'S truagh a Rìgh nach mi bha pòsd'
Aig òigear a' chùil dualaich.
Reference sources:
Brìgh an Òrain, ed. John Shaw (2001), p. 139