GF264i04 THA MO RÙN AIR A' GHILLE Beulaiche: Seonaidh mac Dhòmhnaill ‘ic Dhòmhaill ‘ic Fhilib ‘ic Dhòmhnaill ‘ic Chaluim | Johnny MacDonald Bàrd: Ceit Mhunn | Catherine Munn Séisd: Tha mo rùn air a' ghille 'S mór mo dhùil ri thu thilleadh 'S mi gu siùibhleadh leat dha 'n fhireach Fo shileadh na fuar-bheann. Gur beag a shaoilinn fhìn an uiridh Gun tréigeadh tu mi gu buileach Mar a deargan craobh a duilleach Dh'fhàs thu umam suarach. Ged tha blàth na bric air t' aodann Cha do lughdaich sin mo ghaol ort Mi gu siùileadh leat a' saoghal Na saoilinn do bhuanndachd. Oidhche Shamhna 's mi 'nam ònar Smaointich mi gun deanainn òran 'S truagh a Rìgh nach mi bha pòsd' Aig òigear a' chùil dualaich.