Back to recordings

Òran a' Mhathain

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF259i05 ÒRAN A' MHATHAIN


Beulaiche: Ailean Ruairidh Aonghais Dhòmhnaill Uilleim | Allan MacLeod
Bàrd: Uilleam mac Ghilleasbuig | Billy | William MacVicar



[Séist:] E ho ro mo Mhàiri, 's tu mo Mhàiri ghrinn,
E ho ro mo Mhàiri, 's tu mo Mhàiri ghrinn,
E ho ro mo Mhàiri, 's tu mo Mhàiri ghrinn,
Màiri laghach bhòidheach rugadh anns na glinn.


Cha b' e idir Màiri na ceann fada bhuam
Ach am beathach grannda tha 'n dràsd' mun cuairt;
'S ann tha 'd riumsa 'g ràdha gun d'thàinig e bho'n tuath
'Steach o chùl Beinn Dhòmhnaill gu àit' Iain 'ic Dhòmhnaill Ruaidh.


'S ann bha bilean bàn air, mollain àrda cruinn,
Cluasan biorach dàna air àrainn a chinn;
Earball goirid geàirrte, ceathramh slàn man druim,
Ceathramh deiridh as e magach man leth-chinn.


Dh'fhalbh e gu slìgeach, bha e gliogach gu cinnt,
Null air feadh nam barran, nuas air feadh na mèinn;
Tha e doirbh a chreidsinn a dh'aindeoin cleas is spìd,
E bhith aig àite Peigi air bheagan gu trì.


'S ann a bha 'ad snòradh, a' snòradh gu cruaidh,
Nuair a dhùisg am 'Mòtag' bha bawl aig an uan;
An laoigh a bh'air a' ròpa, 's e bu mhòide fuaim,
'S ann bha 'm bear a' snòradh toir na còmhl' a-nuas.


Sin a ghearain Dòmhnall, "ma nì còmhradh feum"
Ma nì tuagh 's forc-fheòir e, 'Fòrdsaidh' e leis fhéin.
Ma thig e nam chòir-sa, seòlaidh e gun fheum
Gheibh e naidheachd neònach, théid a leòin le 'stéig.'"


Sin a ghearain Mhàiri, "'S e mathan a th' ann,
Beathach sligeach grànnda, nach dèan car ach call;
Cha bhi caor' air fearann, coineanach an gleann,
Nach bi ruith 's a' gearain, ''S e cho dealach thall.'"


'S ann bha 'n sealladh bòidheachd, 'n àm dol fodha na gréin,
Réiseamaid dhan òigridh, dol gu 'fòrdsadh sìos,
Bha Seumas 's e cho seòlta, thug e leis an sgian,
Dùil aige ri 'title', nuair a reict' am bian!


Bu mhath 'n saighdear Seumas, gunna gleusd' ri chluais,
An dà shùil gu leum ás, ma nì creutar fuaim;
Ma nì culach séitein, leumadh e gu luath,
Ma nì caora 'maaa', 's e 'm 'bear' tha mu'n cuairt.







Reference sources:
Cape Breton's Magazine, no. 74 (June 1999), p. 74

Allan MacLeod
Boston Ùr | New Boston 7 recordings Faic pròifil | view profile