GF259i05 ÒRAN A' MHATHAIN Beulaiche: Ailean Ruairidh Aonghais Dhòmhnaill Uilleim | Allan MacLeod Bàrd: Uilleam mac Ghilleasbuig | Billy | William MacVicar [Séist:] E ho ro mo Mhàiri, 's tu mo Mhàiri ghrinn, E ho ro mo Mhàiri, 's tu mo Mhàiri ghrinn, E ho ro mo Mhàiri, 's tu mo Mhàiri ghrinn, Màiri laghach bhòidheach rugadh anns na glinn. Cha b' e idir Màiri na ceann fada bhuam Ach am beathach grannda tha 'n dràsd' mun cuairt; 'S ann tha 'd riumsa 'g ràdha gun d'thàinig e bho'n tuath 'Steach o chùl Beinn Dhòmhnaill gu àit' Iain 'ic Dhòmhnaill Ruaidh. 'S ann bha bilean bàn air, mollain àrda cruinn, Cluasan biorach dàna air àrainn a chinn; Earball goirid geàirrte, ceathramh slàn man druim, Ceathramh deiridh as e magach man leth-chinn. Dh'fhalbh e gu slìgeach, bha e gliogach gu cinnt, Null air feadh nam barran, nuas air feadh na mèinn; Tha e doirbh a chreidsinn a dh'aindeoin cleas is spìd, E bhith aig àite Peigi air bheagan gu trì. 'S ann a bha 'ad snòradh, a' snòradh gu cruaidh, Nuair a dhùisg am 'Mòtag' bha bawl aig an uan; An laoigh a bh'air a' ròpa, 's e bu mhòide fuaim, 'S ann bha 'm bear a' snòradh toir na còmhl' a-nuas. Sin a ghearain Dòmhnall, "ma nì còmhradh feum" Ma nì tuagh 's forc-fheòir e, 'Fòrdsaidh' e leis fhéin. Ma thig e nam chòir-sa, seòlaidh e gun fheum Gheibh e naidheachd neònach, théid a leòin le 'stéig.'" Sin a ghearain Mhàiri, "'S e mathan a th' ann, Beathach sligeach grànnda, nach dèan car ach call; Cha bhi caor' air fearann, coineanach an gleann, Nach bi ruith 's a' gearain, ''S e cho dealach thall.'" 'S ann bha 'n sealladh bòidheachd, 'n àm dol fodha na gréin, Réiseamaid dhan òigridh, dol gu 'fòrdsadh sìos, Bha Seumas 's e cho seòlta, thug e leis an sgian, Dùil aige ri 'title', nuair a reict' am bian! Bu mhath 'n saighdear Seumas, gunna gleusd' ri chluais, An dà shùil gu leum ás, ma nì creutar fuaim; Ma nì culach séitein, leumadh e gu luath, Ma nì caora 'maaa', 's e 'm 'bear' tha mu'n cuairt.