Òran a' Mhathain
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF259i04 ÒRAN A' MHATHAIN
Beulaiche: Ailean Ruairidh Aonghais Dhòmhnaill Uilleim | Allan MacLeod
Bàrd: Dòmhnall Mac a' Phearsain | Donald MacPherson
[Séist]: O hù rithill a bha ho,
O hù rithill a bha ho,
Hùraibh 'illean togaibh fonn,
Mo chridhe trom 's cha neònach.
Thàinig bear ann on tuath
Siud am beòthach a bha buan
Chaidh e chun na bhuaile shuas
Bha agam dhol suas le Dòmhnall.
'S ann a' seo tha 'n t-àite cianail
On thàinig am bear am bliadhna
Chaidh e 'mach gu Dòmhnall mac Iain
'S ann a bhios de còsan.
Chaidh e null ann air a' bhàrran
Thòisich e le òl a' bhainne
Cock de gheòidh a bh' aige le Calum
Tharraing e dha'n chòsan.
Dh'éirich Peigi ann DiMàirt
Thug i leatha an cù bàn
Ged a gheobhadh e 'm bonnach slàn
[E deidheadh gun dàil à bhochdainn?].
Dòmhnall Archie ann le féileag
Agus pòite a's a' robh éildean
Nuair a shuidh e a' dèanamh soillse
Bha 'sa bheinn a' [boileadh?]
Chuala Dòmhnall Archie fuaim
Às a' chorner a tuath
A Dhòmhnall nach do [bhuail thu/mhove e?] buain
Nach d'fhuair e bho'n a spòig thu?
Gur e Sandy a bha tapaidh
On a lean e air a' [shrac e/shneachd' e?]
Chaidh e mach gu leag na [?]
B' e cearc aige fo chòta.
'S ann 'sa mhadainn Là na Sàbaid
On a thachair e le Màiri
'S ann a thionndaidh e leis a' Ghàidhlig
"Bheil do bhràithrean pòsda?"
Fhreagair Màiri ann an [greiseag?]
Cha robh bràthair agam ach aon fhear
Iain Beag, nach do dh'eug
Chan eil feum an Dòmhnall.