GF259i04 ÒRAN A' MHATHAIN Beulaiche: Ailean Ruairidh Aonghais Dhòmhnaill Uilleim | Allan MacLeod Bàrd: Dòmhnall Mac a' Phearsain | Donald MacPherson [Séist]: O hù rithill a bha ho, O hù rithill a bha ho, Hùraibh 'illean togaibh fonn, Mo chridhe trom 's cha neònach. Thàinig bear ann on tuath Siud am beòthach a bha buan Chaidh e chun na bhuaile shuas Bha agam dhol suas le Dòmhnall. 'S ann a' seo tha 'n t-àite cianail On thàinig am bear am bliadhna Chaidh e 'mach gu Dòmhnall mac Iain 'S ann a bhios de còsan. Chaidh e null ann air a' bhàrran Thòisich e le òl a' bhainne Cock de gheòidh a bh' aige le Calum Tharraing e dha'n chòsan. Dh'éirich Peigi ann DiMàirt Thug i leatha an cù bàn Ged a gheobhadh e 'm bonnach slàn [E deidheadh gun dàil à bhochdainn?]. Dòmhnall Archie ann le féileag Agus pòite a's a' robh éildean Nuair a shuidh e a' dèanamh soillse Bha 'sa bheinn a' [boileadh?] Chuala Dòmhnall Archie fuaim Às a' chorner a tuath A Dhòmhnall nach do [bhuail thu/mhove e?] buain Nach d'fhuair e bho'n a spòig thu? Gur e Sandy a bha tapaidh On a lean e air a' [shrac e/shneachd' e?] Chaidh e mach gu leag na [?] B' e cearc aige fo chòta. 'S ann 'sa mhadainn Là na Sàbaid On a thachair e le Màiri 'S ann a thionndaidh e leis a' Ghàidhlig "Bheil do bhràithrean pòsda?" Fhreagair Màiri ann an [greiseag?] Cha robh bràthair agam ach aon fhear Iain Beag, nach do dh'eug Chan eil feum an Dòmhnall.