Manaidhean (pàirt a dhà)
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF253i05_254i01Nb MANAIDHEAN (PÀIRT A DHÀ)
Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie
[Archie MacKenzie:] Agus bheireadh 'ad gur e manadh aig a' bheò agus aig a' mharbh.
[John Shaw:] Seadh.
[AM:] Tha cuimhn' agam fhìn nuair a phòs mi an toiseach, bha mi 'fuireach a's an t-seann dachaigh 's nuair a rugadh am pàist' a bu shìne a bh' againn, bha an geamhradh car fuar agus bha—cha robh teine air a' lobhtaidh 's thuit i fa-near, gun cuireamaid a' leaba air a' chiad ùrlar. Agus oidhch' a bh' ann a' seo, dhùisg mi mu dhà uair 's a' mhadainn. Agus chuala mi mar gum biodh cuideigin air a' stairsich. Agus an dorust 'ga fhosgladh agus cuideigin a' coiseachd a-staigh. Ach, nuair a chuala mi e, smaointich mi ann an tiotadh gura h-e manadh a bh' ann. Agus chual' a' bhean agam e cuideachd. Agus dh'éist sinn, 's an ceann a h-uile tighearna ma dh'fhaoidte deich mionaidean na a leithid sin, thigeadh an aon rud, chluinneadh tu a' fuaim a bh' ann a' seo air a' stairsich, cuideigin a' bualadh a chasan ris a' stairsich agus an uair sin an dorust 'ga fhosgladh. Chluinneadh tu a' latch a' deanamh gliogan 's an uair sin cuideigin a' coiseachd a-staigh.
Agus bha mis' an dùil an toiseach ma dh'fhaoidte gur e manadh a bhith deanamh obair timcheall air ciste. Bhithinn aig an àm a' dèanamh chisteachan nuair a dh'eugadh cuideigin, duine a's a' choimhearsnachd. Agus air a bhitheamaid a chur orr' an aodaich, bheireamaid dhachaigh e far a robh e blath 's an taigh e. Ach a' fuaim a bha mi 'cluinntinn, cha robh e coltach ri sian dha leithid sin. Bha sin mar sin.
Air làrna-mhàireach, bha faisg air troigh do shneachd air a' làr—sneachda aotrom mìn. Agus o mu dheich uairean a' latha, bha mi aig an t-sabhal a' teannadh ri obair air choireigin 's chuala mi eich is leithid 'tighinn a dh'ionnsaigh an taighe 's choimhead mi 's có bha sin ach a' sagairt a bh' againn, Maighstear Aonghas Dòmhnallach agus m' athair-céile còmhla ris. Thàinig m' athair á Suidni air an treàn, Duncan MacMaster, 's ann an Suidni a bha e 'n còmhnaidh. Agus dh'amais gu robh a' sagart aig a' stéisean a's an àm agus dhraibh e 'mach e a dh'ionnsaigh an taighe.
Agus nuair a thàinig m' athair-céile a-mach 's thoisich e 'coiseachd a-null a dh'ionnsaigh na stairsich, bha sneachd air a chasan co dhiubh agus bhuail e chasan gu math trom air a' stairsich airson a' sneachd a chur dhiubh. Agus bha bat' aige. Sin rud eile a bha sinn a' cluinntinn an oidhche ud, an diog dog a bha 'm bat' a' dèanamh. Agus bha mise—bha mise 'ga choimhead agus nuair a chunnaic mi e 'coiseachd a-staigh air an dorust, thuirt mi ri mi fhìn 's a' mhionaid gur e siod am manadh a chuala sinn a-raoir.
Ach, thàna mi dhachaigh an uair sin 's thòisich sinn ri seanchas agus thug sinn greis a' seanchas, thug e tarraing air an cùram a bh' air a-raoir gu robh stoirm uamhasach a' dol a thighinn 's nach biodh e comasach dha a' tighinn air an treàn. Agus os' esan, "Dhùisg mi mu dhà uair 's a' mhadainn," os' esan, "'s choimhead mi 'mach agus o chlist' mi," os' esan, "gu robh stoirm gàbhaidh shneachd a' tighinn agus gum b' fheàrr dhomh fuireach aig an taigh. 'S cha b' urrainn mi cadal. Chuir e leithid a chùram orm," os' esan, "'s nach b' urrainn, cha d' rinn mi an còrr cadal," os' esan.
Uill thuirt mise 'nam inntinne fhéin, "'S ann agam tha fios."
[JS:] [A' gaireachdainn].
[AM:] Yeah. O bha.