Back to recordings

Na Trì Gaoithean

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF152i05 NA TRÌ GAOITHEAN


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


Bha rannan aimsir aca agus cuid do rannan dhe 'n t-seòrsa seo. Bha rann aca air a' ghaoith:


Gaoth an aiteimh
Gaoth ro tholl
'S gaoth bho sheann siùil.


…bhonn siùil is bha a-rithist, bha tuilleadh aca air. Chanadh 'ad:


Gaoth ro aiteimh
Gaoth ro tholl
'S gaoth nan long a' dol fo sheòl
Na trì gaothan a b' fhuair' a dh'fhairich Fionn riamh.


'S ann aig bean Ghilleasbuig MacUalraig a chuala mi a' rann sin an toiseach.



Notes (fieldnotes):
Source: Bean Ghilleasbuig MacUalraig [Mrs. Archibald Kennedy]

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile