Back to recordings

Òran air Seònag nan Cearc

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF253i01 ÒRAN AIR SEÒNAG NAN CEARC


Beulaiche: Màiri Ceit Mhór | Mary Anne MacMillan
Bàrd: "Murchadh nan Òran" Moireasdan | Murdoch Morrison



Muladach mise 's mi seo gun duin' idir
A thogas na sheinneas na ghabhas mo phort
'S dùraich mo chridhe deoch slàinte nan gillean
Dh'fhalbh air an steamer gu ruig' an Transvaal


'S gun d'thàinig sinn dìreach gu àite MhicÌosaig [Johnny Mick]
Na gillean cho grinn gur e 'n nìghneag a b' fheàrr
Chaidh a' lòid chuir an òrdan is biadh ás a' stòr
A phoit tì air a' stòbh agus ceò aiste blàth


'S a chailleach dhubh ghiobach, cha phàigh mi thu 'rithist
Gun d' phàigh mi thu cheana mus iarr mi nam sgeul
Ma chluinneas mi guth ás do bheul fhad' 's is beò thu
'S e Alasdair Mór chuireas speall air a' chàr


Sìos cnoc a' Bharrain a chuala mi 'chailleach
I 'g éigheach 's a sgolan nach fhan thu rium tràth
A Mhurchaidh dhubh mhosach bheir dhomhsa mo dholar
Airneo bidh mo mhollachd gad ghuidh-sa gu bràth


Bhiodh 'ad ag òl tì an àite Seònag nan Cearc, is mas fhìor nach do phàigh 'ad Seònaid idir. Agus—


[Joe Neil MacNeil]:Thuirt e an uair sin mu dheidhinn, an deaghaidh ghabh e—a phoit tì air a' stòbh agus ceò aiste blàth.



Mary Anne MacMillan
Beinn Eòin | Ben Eoin 34 recordings Faic pròifil | view profile