Back to recordings

Niall Eòghainn Duinn agus am Fear a dh'Eug anns a' Bhàta

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF249i04N NIALL EÒGHAINN DUINN AGUS AM FEAR A DH'EUG ANNS A' BHÀTA


Beulaiche: Sandaidh Uilleim Illeasbuig Ailein mac Iain a' Mhuilleir | Sandy William MacDonald
Tàr-sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw



…Maighstir Earsaidh ann a' Siudaig, agus bha fear a mhuinntir Cheap Breatainn agus fear a mhuinntir Antigonish, bha iad air drift a-mach air a' chuan fad naoidh latha. Agus air an naoidheamh latha dh'eug am fear a mhuinntir Cheap Breatainn. Dh'fhoighneachd Maistear Eairdsidh do Niall, "Dé a nist am math do mhuinntir Cheap Breatainn ['g]am blowadh fhéin cho able 's tha iad, cha do sheas e ri uidhir agus a sheas muinntir—fhear a mhuinntir Antigonish. Tha e beò fhathast."
"O," thuirt Niall, "chan eil sin a' cur ioghnadh sam bith orm-as."
"Nach eil, a Nìll?"
"Chan eil. Tha 'ad cho eòlach," thuirt Niall, "air an t-acras a bhith orr' ann an Antigonish" thuirt
esan, ''is bha muinntir Cheap Breatainn, uill, fad na h-ùineadh 'ga dheanadh fhéin suas air
a' chuid as fheàrr dhe 'n bhiadh."


Sandy William MacDonald
Gleann Comhann | Glencoe 17 recordings Faic pròifil | view profile