Leis a' Phoc' air do Mhuin
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF156i02 LEIS A' PHOC' AIR DO MHUIN
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] Ás na—ás na naidheachdan, bhiodh de—bhiodh e falbh—[...?] a' falbh le sac air a muin—le màileid air a muin airson a dhol a dh'iarraidh [deichean?] a chruinneachadh. Agus bha esan latha bhos aig taigh. Bha e glé eòlach air a' chuideachd a bha seo agus ann an deagh àm cuirear bhuntàta ann. Agus nuair a gheàrr iad a' sìol, bha cuid mhór dhe 'n bhuntàta—meadhan a' bhuntàta fa' robh 'ad a' gearradh ás na sgealb a bha 'ad a' cur. Á buntàta mór, mar a bheireadh 'ad [cladhainn?]—
[John Shaw:] Seadh.
[JNMN:] —meadhan a' bhuntàta. 'S bha [taosg?] ann am poc' air seo agus bha 'm boireannach 'gan toirt a-null dh'ionnsaigh an talamh far am biodh 'ad a' biadhadh a' chruidh air sgath 's gun rachadh an gearradh suas an [taosg?] dhan chrodh is chuir i 'm poc' air a ghualainn is bha i falbh a-null ris dh'ionnsaigh an t-sabhail is chual' le cuideigin a' cantail, "An dà, Mhàiri, chunna mi fhéin thu fhéin latha," agus "Beag a shaoilinn gun tigeadh a' latha a chithinn falbh thu leis a' phoc' air do mhuin!"