Back to recordings

A Mhàiri dhubh a hù a ho

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF248i05 A MHÀIRI DHUBH, A HÙ A HO


Beulaiche: Coinneach Chaluim Dhòmhnaill | Kenneth Matheson


[Séist]: A Mhàiri dhubh, a hù a ho,
'S a Mhàiri dhubh, ho rì ho rò
A Mhàiri dhubh, 's a Mhàiri dhonn
Is m' inntinn trom bho'n dhealaich mi
Ri Màiri dhubh, a hù a ho.


'N cuala sibh mun dh'éirich dhomhs'?
Nuair a bha mi 'nam ghill' òg
Thug mi gaol do nighneag òg
'S cha bhi mi beò mur faigh mi i.


Ghabh mi ceum leath' air an t-sràid
Shaolainn gun lorg mi do làmh
Ach bhi dealachadh riut 's, a ghràidh
A Mhàiri, cha bu mhath leam e.


Chan ann dubh, 's chan ann donn
Bòidheach, deas thu air do bhonn
Thuit mo chridh' 's dh'fhàs e trom
Nuair smaoinich mi air dealachadh.


'S ann ort fhéin a dh'fhàs a' ghruaidh
Bòidheach tiomail aic' mun cuairt
Ribeanan gad chumail suas
Is cìrean caoil' gad theannachadh.


'S truagh nach mise bha fo'n fhòd
Ann an ciste 's a' bhòrd chaoil
Mun tug mi mo ghaol cho òg
Do sheòladair nam maraiche.


Fhad 's a chì mo shùil a' ghrian,
Tighinn bho'n ear 's a' dol dhan iar
Fhuilt air bàrr mo cheann cho liath
'S na [tiabachan?] air tanachadh.


Reference sources:
Mac-Talla, vol. 12 no. 20 (1904), p. 7; Coinneach mac Raghnaill, "Màiri, air a bheil an aois," An Drochaid Eadarainn, https://web.archive.org/web/20240621162024/https://www.androchaid.ca/forum/na-h-%C3%B2rain/m%C3%A0iri-air-bheil-aois

Kenneth Matheson
Jubilee (An Caolas Beag | Little Narrows) 10 recordings Faic pròifil | view profile