GF248i05 A MHÀIRI DHUBH, A HÙ A HO Beulaiche: Coinneach Chaluim Dhòmhnaill | Kenneth Matheson [Séist]: A Mhàiri dhubh, a hù a ho, 'S a Mhàiri dhubh, ho rì ho rò A Mhàiri dhubh, 's a Mhàiri dhonn Is m' inntinn trom bho'n dhealaich mi Ri Màiri dhubh, a hù a ho. 'N cuala sibh mun dh'éirich dhomhs'? Nuair a bha mi 'nam ghill' òg Thug mi gaol do nighneag òg 'S cha bhi mi beò mur faigh mi i. Ghabh mi ceum leath' air an t-sràid Shaolainn gun lorg mi do làmh Ach bhi dealachadh riut 's, a ghràidh A Mhàiri, cha bu mhath leam e. Chan ann dubh, 's chan ann donn Bòidheach, deas thu air do bhonn Thuit mo chridh' 's dh'fhàs e trom Nuair smaoinich mi air dealachadh. 'S ann ort fhéin a dh'fhàs a' ghruaidh Bòidheach tiomail aic' mun cuairt Ribeanan gad chumail suas Is cìrean caoil' gad theannachadh. 'S truagh nach mise bha fo'n fhòd Ann an ciste 's a' bhòrd chaoil Mun tug mi mo ghaol cho òg Do sheòladair nam maraiche. Fhad 's a chì mo shùil a' ghrian, Tighinn bho'n ear 's a' dol dhan iar Fhuilt air bàrr mo cheann cho liath 'S na [tiabachan?] air tanachadh.