Back to recordings

Rann air Coinneach Odhar

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF246i05 RANN AIR COINNEACH ODHAR


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean



Chuir Coinneach Dugh (Dubh) fios gu chàirdean—bha siud ann reithid, fear a bha ann an taigh agus dh'fhairich e bualadh aig an dorast. Agus dh'éirich e is dh'fhosgail e an dorast is bha seann duine an cùl an doraist agus thuirt a' fear a bha an cùl an doraist, nach fhaigheadh e a-staigh an-dràst.


"Uill," ars esan, "mura dean thu a-staigh, nì mise rann dhut," ars esan.


"Sin," ars esan, a fear a bha 'staigh "rud nach urrainn dhut-sa a dheànamh."


"Nì mi rann dhut," ars esan, "co-dhiù."


"Uill deàn i," ars esan.


Start e agus rinn e mar seo i. 'S e Coinneach Dugh (Dubh) a bh' air an fhear a bha an cùl an doraist. Fear a bha a-muigh chan eil fhios a'm dé an t-ainm a bh' air.


Chuir Coinneach Dugh (Dubh) fios gu chàirdean
Eadar Gleann is bàgh is bodhar
Feuch an tugadh a h-aon dhiubh
Fios gun dàil dha
Cuin' a bhàsaich Coinneach Odhar
An deach a losgadh no a bhàthadh
No fhàgail a-mach air todhar
An deach a chrochadh,
An deach a losgadh no a bhàthadh
No fhàgail a-mach air todhar
No an deach a losgadh no a cheusadh
No an do dh'eug e 'g éigheachd cobhair



Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile