GF246i05 RANN AIR COINNEACH ODHAR Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Chuir Coinneach Dugh (Dubh) fios gu chàirdean—bha siud ann reithid, fear a bha ann an taigh agus dh'fhairich e bualadh aig an dorast. Agus dh'éirich e is dh'fhosgail e an dorast is bha seann duine an cùl an doraist agus thuirt a' fear a bha an cùl an doraist, nach fhaigheadh e a-staigh an-dràst. "Uill," ars esan, "mura dean thu a-staigh, nì mise rann dhut," ars esan. "Sin," ars esan, a fear a bha 'staigh "rud nach urrainn dhut-sa a dheànamh." "Nì mi rann dhut," ars esan, "co-dhiù." "Uill deàn i," ars esan. Start e agus rinn e mar seo i. 'S e Coinneach Dugh (Dubh) a bh' air an fhear a bha an cùl an doraist. Fear a bha a-muigh chan eil fhios a'm dé an t-ainm a bh' air. Chuir Coinneach Dugh (Dubh) fios gu chàirdean Eadar Gleann is bàgh is bodhar Feuch an tugadh a h-aon dhiubh Fios gun dàil dha Cuin' a bhàsaich Coinneach Odhar An deach a losgadh no a bhàthadh No fhàgail a-mach air todhar An deach a chrochadh, An deach a losgadh no a bhàthadh No fhàgail a-mach air todhar No an deach a losgadh no a cheusadh No an do dh'eug e 'g éigheachd cobhair