Back to recordings

An Té Òg agus an Sìtheanach

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF245i05 AN TÉ ÒG 'S AN SÌTHEANACH


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean



Chuala mi té a bha thall 'san t-Seann Dùthaich agus bhiodh i falbh còmhla ri sìtheanach 'na bhoyfriend aice. Agus bha bràthair na h-ighne a bh' ann, bha e meòrachadh nan tigeadh a' sìtheanach tuilleadh gum marbhadh e e. Ach cha robh sin a' còrdadh rithese co-dhiù, bha leithid a meas aic' air an t-sìtheanach.


Agus dh'fhalbh is' a-mach latha air choireigin co-dhiù a bhleoghainn mart a bh' aice. Agus chunnaic i bràthair dha—dha 'n t-sìtheachan a bha tighinn. 'S ghabh e a-null co-dhiù agus thug e buille dha, is leig e e.


Agus dh'fhàg ise siud e 's thàinig i dhachaigh agus thuirt i ris a'—ri bràthair eile, "Thalla a-null," ars' ise, dha 'n t-sabhal," ars' ise, "far a bheil am mart donn," ars' ise, "agus tha—inns—inns dha 'n fhear," ars' ise, "a chaidh a bhuaileadh," ars' ise, "gu bheil—inns—inns dha 'n fhear dhonn," ars' ise, "a tha [gun triùir dhiubh/truaghan?]. Gur trì [ a charan buaillean/buaile? ] dhe mo bhua—mo mheòirean, mo mheòirean." B' e dé bha sin a' mìneachadh a-nis. Foclan gu math domhain a bh' ann.


Ach bha sin allright. Choimhead i fhéin a-mach 's bha am boyfriend aice co-dhiù 's bha e an uair sin a' dol air a chasan. "Tha mi all right," ars' ise. "Thachair am fear agaibhse a rin siud [air ? ]," ars' ise, "ach cha bhi sibh all right."


An ceann spell co-dhiù, choimhead iad a-mach 's bha a' fear a bha bualadh an t-sìtheachan ach bha e marbh aig an t-sabhal. "Seo," ars' ise, "ionnsaichidh siud pàirt agaibh," ars' ise. Chaidh 'ad a-null 's bha an gille a bha marbh air [a' bheul?], ach cha robh sgeul air an t-sìtheanach. An ceann seachdain as an deoghaidh sin thàinaig an sìtheachan 's thug e leis a' phiuthar 's chan fhaca 'ad riamh tuilleadh e fhéin no i fhéin. Agus dh'fhaodadh a' leithid a bhith ann cuideachd.

Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile