Cumha Eoghainn 'ac a' Phì
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF237i04 CUMHA EÓGHAINN 'AC A' PHÌ
Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
[Joe Allan MacLean]: 'S ann feasgar Disàthuirn' 's mi ri 'gabhail a' rathaid
Chunnachas bàta 'dol seachad gun chrann gun acair gun seòl
'S i ag iomain gu tràigh ann, bha i stràct' air a beòil
Gu robh an t-òganach sàr-mhath air a chlàr 's e gun deò
Ach Eóghainn an céil' ud' cha bu mhisd' thu na càch
Ged a dh' fhàg mi thu an deurach chan ann a lethuair na 'g ràdhainn
Gabhaidh [mi òigear?] do leisgeul mar a fhreagras an dàn
Cha robh m' eòlas ach beag ort 's cuir gu beagan an gnàth
'S gu bheil d' athair is do mhàthair 's e do bhàs rinn am bròn
Tha do pheathraichean cràiteach 's tha 'ad ri phasgadh nan dòrn
Gu bheil Dòmhnall 's clann athair dha a' tràthadh le deòir
'S cianail [ galld'/dhalt'? ] a rinn òigear is [leatrom òg/leatromach?] air a glùin
Dh' fhàg thu cuimhneachan brònach, a chì sinn còmhnuidh a-chaoidh
Dh' fhàg thu fhìdheall 'na seòmbar 's chleachd thu ceòl oirr' le sunnd
Ach a Chaimbeulaich ghasta cha robh mearachd nad shùil
Mar a nì thu cur saighead 'sa a' chleachd thu e dlùth
O ghualainn gu sliasaid [ thu? ] [làn fiaradh?] nam bòrd
Tha do chàirdean glé chianail o [latha gu chiad làmh?] air stiùir
Bha thu riamh mar fear tapaidh 'mach á Barraidh no 'm Bàigh
Thog thu siùil ris na crannan [mur/muir/nuair?] nach càraicheadh càch.
Fear a bha seo, bha e 'coiseachd sìos a' rathad latha.
[John Shaw]: Eòghann Mac a' Phì a bh' ann.
[JAML]: Eòghann Mac a' Phì. Eòghann na [Ceileige?]
[JS]: Sheadh.
[JAML]: Tha seansa gur ann rathad na Seann Dùthcha thall a thachair seo.