An Crodh 's an Càl
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF243i06_244i01 AN CRODH 'S AN CÀL
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais | Archie Dan MacLellan
Bàrd: Ualtair mac Aonghais Bhàin 'ic Aonghais 'ic 'Illeasbuig | Walter Scott MacFarlane
Agus òran a rinn Walter Scott MacFarlane do chrodh bràthair athair an deaghaidh dha tilleadh dhachaigh ás a' chiad chogadh. Bha pàirc briagha chàil aig bràthair athair. Agus chuir e fios gu Walter airson a dhol a dheanamh feansa mun chuairt dha 'n chàl. 'San àite, thuirt Walter gu b' fhasa dhà-san, cha robh fhios a'm co dhiu bha mi, dé bha ceàrr orm, co dhiu 's ann a bha mi leisg no dé, ach cha robh m' inntinn air startadh an deaghaidh tilleadh ás a' chogadh air a dhol a dheanadh feans' idir thuirt mi gum b' fhasa leam ceathramhan do dh' òran a dheanadh agus start mi air an òran, sin crodh againn a bha 'dol a-staigh 'sa chàl, 's bha 'ad dìolach air a bha gàbhaidh. Ach, thuirt mi gun robh òran fhéin a cheart a cho math ri feansa. Agus thuirt e, start e, 's o:
[Séist]: Tha mi duilich, tha mi truagh
Tha mi truagh airson a' chàil
Tha mi duilich, 's bochd a dhìol
Aig crodh riabhach mo bhràthair
Chì mi Flòrag, chì mi an laogh
Chì mi 'm mart maol, 's an té bhàn
'S an té riochdail, breac ruadh
'S a cuid buachar air a' chàl
'S e mart a bh' aca, agus bha Flòrag oirre, agus bha laogh aice, mart a cheannaich e, is thuirt e:
Chì mi Flòrag, chì mi an laogh,
Chì mi 'm mart maol, 's an té bhàn
'S an té fhada, riabhach ruadh
'S a cuid buachar air a' chàl