Tha member ùr againn an-dràsda (MacIllinnein)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF243i05 THA MEMBER ÙR AGAINN AN DRÀSDA (MAC ILLINNEIN)
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais | Archie Dan MacLellan
[Séist]: 'S air deoch-slàint' a' Ghàidheil ghasda
Choisinn buaidh air ùr election
Member ùr nach diùlt an ceartas
A chumadh [?] fo chìs
Tha member ùr againn an-dràsda
MacIllInnein bho Chinn t-Sàile
Gille cridheil, gasda, bàigheil
Fàbharach dha dhùthaich fhéin
Sin agaibh na th' agamasa dhe 'n òran. [tape cut]
…àite, mhuinntir shuas an taobh agaib' fhéin dha 'n àite bheil agaibh fhéin a rinn dha. 'S ann a mhuinntir suas rathad Shiudaig, na Hawkesbury, na àit' air choireigin, boireannach a rinn e. [tape cut]
...uabhasach math a be có an té rinn e agus—siud na dh'ionnsaich mise, fhios agaibh, dha 'n òran ach bha poidhle air an òran air a shon sin. Glé mhath nuair a thuirt i.
[sings song again]
Nuair a fhuair e na mhember 's e an aon fhear a fhuair a railroad a-staigh gu Inverness a' seo. Agus dh' eug e òg. 'S nam biodh e an deaghaigh beagan saoghal fhaighinn, bhiodh iomadh rud air a dheanadh nach deachaidh a dheanadh bho 'n uair ud.
....MacLennan is innsidh mise dhut—'s e granduncle do Bhernie MacLennan a bh' ann. Tha Bernie shuas a' fuireach an Troy a' siud, fhios agad, ach 's e granduncle dha a bh' ann. Agus innsidh mi dhut có bh'ann, 's e uncle do Danny MacLennan an senator a bh' ann cuideachd, agus uh—