GF243i05 THA MEMBER ÙR AGAINN AN DRÀSDA (MAC ILLINNEIN) Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais | Archie Dan MacLellan [Séist]: 'S air deoch-slàint' a' Ghàidheil ghasda Choisinn buaidh air ùr election Member ùr nach diùlt an ceartas A chumadh [?] fo chìs Tha member ùr againn an-dràsda MacIllInnein bho Chinn t-Sàile Gille cridheil, gasda, bàigheil Fàbharach dha dhùthaich fhéin Sin agaibh na th' agamasa dhe 'n òran. [tape cut] …àite, mhuinntir shuas an taobh agaib' fhéin dha 'n àite bheil agaibh fhéin a rinn dha. 'S ann a mhuinntir suas rathad Shiudaig, na Hawkesbury, na àit' air choireigin, boireannach a rinn e. [tape cut] ...uabhasach math a be có an té rinn e agus—siud na dh'ionnsaich mise, fhios agaibh, dha 'n òran ach bha poidhle air an òran air a shon sin. Glé mhath nuair a thuirt i. [sings song again] Nuair a fhuair e na mhember 's e an aon fhear a fhuair a railroad a-staigh gu Inverness a' seo. Agus dh' eug e òg. 'S nam biodh e an deaghaigh beagan saoghal fhaighinn, bhiodh iomadh rud air a dheanadh nach deachaidh a dheanadh bho 'n uair ud. ....MacLennan is innsidh mise dhut—'s e granduncle do Bhernie MacLennan a bh' ann. Tha Bernie shuas a' fuireach an Troy a' siud, fhios agad, ach 's e granduncle dha a bh' ann. Agus innsidh mi dhut có bh'ann, 's e uncle do Danny MacLennan an senator a bh' ann cuideachd, agus uh—