Òran do Chalum Mac IlleFhaoilein (Canaigh)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF243i04 ÒRAN DO CHALUM MAC ILLEFHAOLAIN (CANAIGH)
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais | Archie Dan MacLellan
[Séist]: 'S ma thréig thu mi Calum
O tha mhath leam fhìn thu
Sgoilear ùr cho ainmeil
'S a bh' air an taobh seo a dh' Albainn
Do chinn òg chearbach
'S tu [?] cloinn 'Ill Fhaolain
'S gur e mo cheist an t-uasail
Mach bho bhun na stuadhaidh
Far am biodh crodh am buailidh
Is gruagaichean ga réir sin
'S a' mhadainn Didòmhnaich
Dh' fhalbh am [baidsean?] oinseach
Ach on mhaoidh 'ad an t-òigear
Is thug 'ad pòg dha 'n té dha
Uell, 's ann as an t-seann dùthaich a thàinig e. Chan eil fhios 'am có bh' ann ach, innsidh mise dhut, bha nighean aige, 's i bu mhàthair do Sandy Beaton aseo, Sandy Cùrlach. Tha thu 'tuigsinn? 'S e nighean Calum 'IcIllFhaolain bu mhàthair dha agus bha—dé anisd a bhean aig Owen Dan, nach e nighean Shandaidh Chùrlach a bh' innte? 'S e, 's e. Agus bha i càirdeachd do Chalum MacIllFhaolain a seo, fhios agad. Is bha e na sgoilear uabhasach, cha robh a' leithid do sgoilear an uair ud a-bhos a' seo 's an dùthaich a 's urrainn dhomhsa—[tape cuts]
Uill bhruinneadh e—a bheil seo agad air?—bhruidhinneadh e seachd cànain an duine seo, 's e. Agus nuair a thàinig e dha 'n dùthaich seo, o mas fhìor gu robh e na mhaighstir sgoil agus cha robh toil aig an fheadhainn a' seo mas fhìor gu faigheadh e teansa a' cumail sgoileadh idir 's dh' fheumadh e a dhol suas a Halifags dha 'n cholaisde mhór. Agus chaidh ceist a shìneadh dha gus a' deanadh suas, a' cheist a dheanadh airson faiceadh 'ad an tigeadh aig' orra agus rinn e ann na seachd cànain is shìn e dhaibh e agus cha b' urrainn do ghin—dhèanadh e gloicean dhiubh!