GF243i04 ÒRAN DO CHALUM MAC ILLEFHAOLAIN (CANAIGH) Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais | Archie Dan MacLellan [Séist]: 'S ma thréig thu mi Calum O tha mhath leam fhìn thu Sgoilear ùr cho ainmeil 'S a bh' air an taobh seo a dh' Albainn Do chinn òg chearbach 'S tu [?] cloinn 'Ill Fhaolain 'S gur e mo cheist an t-uasail Mach bho bhun na stuadhaidh Far am biodh crodh am buailidh Is gruagaichean ga réir sin 'S a' mhadainn Didòmhnaich Dh' fhalbh am [baidsean?] oinseach Ach on mhaoidh 'ad an t-òigear Is thug 'ad pòg dha 'n té dha Uell, 's ann as an t-seann dùthaich a thàinig e. Chan eil fhios 'am có bh' ann ach, innsidh mise dhut, bha nighean aige, 's i bu mhàthair do Sandy Beaton aseo, Sandy Cùrlach. Tha thu 'tuigsinn? 'S e nighean Calum 'IcIllFhaolain bu mhàthair dha agus bha—dé anisd a bhean aig Owen Dan, nach e nighean Shandaidh Chùrlach a bh' innte? 'S e, 's e. Agus bha i càirdeachd do Chalum MacIllFhaolain a seo, fhios agad. Is bha e na sgoilear uabhasach, cha robh a' leithid do sgoilear an uair ud a-bhos a' seo 's an dùthaich a 's urrainn dhomhsa—[tape cuts] Uill bhruinneadh e—a bheil seo agad air?—bhruidhinneadh e seachd cànain an duine seo, 's e. Agus nuair a thàinig e dha 'n dùthaich seo, o mas fhìor gu robh e na mhaighstir sgoil agus cha robh toil aig an fheadhainn a' seo mas fhìor gu faigheadh e teansa a' cumail sgoileadh idir 's dh' fheumadh e a dhol suas a Halifags dha 'n cholaisde mhór. Agus chaidh ceist a shìneadh dha gus a' deanadh suas, a' cheist a dheanadh airson faiceadh 'ad an tigeadh aig' orra agus rinn e ann na seachd cànain is shìn e dhaibh e agus cha b' urrainn do ghin—dhèanadh e gloicean dhiubh!