Back to recordings

Òran le Iain Mac Iain 'ic Aonghuis (Mac IlleFhaoilein)

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF243i03 ÒRAN LE IAIN MAC IAIN 'IC AONGHUIS (MAC ILLEFHAOILEIN)



Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais | Archie Dan MacLellan
Bàrd: Iain mac Iain 'ic Aonghuis , Iain Mac IlleFhaoilein | John MacLellan


Bha fear a mhuinntir Bhràigh na h-Aibhneadh a' seo anns agus 's e MacDonell a bh' ann, 's do ghille slick agus bha falt cùrlach, dubh air agus phòs e nighean, ban-Ghiolasach, shìos. Bha esan a' fuireach air an taobh tuath dha 'n abhainn is bha àsan a' fuireach air an taobh deas dhi. Chaidh e sìos agus phòs e fhéin is an nighean a bha seo agus bha athair na h-ìghne, bha e uabhasach math air gabhail ùrnaigh is leadan, gu h-àraid air na tòrraichean. Agus bha an gille cho slick agus chaidh e sìos agus phòs e fhéin is an nighean agus rinn fear duanag dhaibh do dh' òran:


Tha ceann dubh ort, 's tha e gun chìreadh
Tha na h-ìgheannan an tòir ort
Chaidh thu sìos dha 'n talamh ìseal
Thug thu rìghneag às bha bòidheach
Nighean Alasdair na leadain
Bheireadh [feadar ?] air gach tòrradh




Archie Dan MacLellan
An Camus Leathann | Broad Cove 63 recordings Faic pròifil | view profile