Thug mi cailleach as a' ghleann
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF239i07 THUG MI CAILLEACH ÁS A' GHLEANN
Beulaiche: Màiri Anna ni'n Dhòmhnaill Raghnaill | Mary Anne MacEachern
Thug mi cailleach ás a' ghleann
Dùil leam gu' robh aice clann
Aona fiacail na ceann
Trì bunan dubha a bh' innte
Trì bunan dubha, dubha
Trì bunan dubh' a bh' innte
Dar a thig mi [fo i/foidhpe/fo ?]
Is mi acrach sgìth dheth
Bidh an leabaidh leam fhìn
Sìnidh clann dubha rium
Sìnidh clann dubha dubha
Sìnidh clann dubha rium
[Bithibh?] a-màireach ['s cuir an eug?]
'S iomadh h-aon gun d' rinn e feum
Thug e leis mo chailleach fhéin
'S éibhinn leam gum do shiubhail i
'S éibhinn leam gun do shiubhal, shiubhal
'S éibhinn leam gun do shiubhal i
Tha mis' còmh' ri gill' òg
Gum bi [e eòlach?] a' chailleach ri bheò
Dheanainn airgead mo [?]
Leònaidh sinn le bruidhinn e
Leònaidh sinn le bruidhinn, bruidhinn
Leònaidh sinn le bruidhinn e