GF239i07 THUG MI CAILLEACH ÁS A' GHLEANN Beulaiche: Màiri Anna ni'n Dhòmhnaill Raghnaill | Mary Anne MacEachern Thug mi cailleach ás a' ghleann Dùil leam gu' robh aice clann Aona fiacail na ceann Trì bunan dubha a bh' innte Trì bunan dubha, dubha Trì bunan dubh' a bh' innte Dar a thig mi [fo i/foidhpe/fo ?] Is mi acrach sgìth dheth Bidh an leabaidh leam fhìn Sìnidh clann dubha rium Sìnidh clann dubha dubha Sìnidh clann dubha rium [Bithibh?] a-màireach ['s cuir an eug?] 'S iomadh h-aon gun d' rinn e feum Thug e leis mo chailleach fhéin 'S éibhinn leam gum do shiubhail i 'S éibhinn leam gun do shiubhal, shiubhal 'S éibhinn leam gun do shiubhal i Tha mis' còmh' ri gill' òg Gum bi [e eòlach?] a' chailleach ri bheò Dheanainn airgead mo [?] Leònaidh sinn le bruidhinn e Leònaidh sinn le bruidhinn, bruidhinn Leònaidh sinn le bruidhinn e