Back to recordings

Mór nighean a' ghiobalain

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF239i03 MÓR NIGHEAN A' GHIOBALAIN


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Bruidhinn air a' phort-á-beul, "Mór nighean a' ghiobalain" - 's e òran a chaidh a dhèanamh, cho fhad 's a gheibhinns' a-mach a réir leughadh gur e Rob Donn MacAoidh a rinn an t-òran sin dhe 'n té a bha thall ann an Albainn, ma dh' fhaoidte gur e Sally Grant a bh' ann. Co-dhiù, ach a-réir a' leabhar rinn e an t-òran "Mór nighean a' ghiobalain". Chuala mise aca an seo bho chionn faisg air trì fichead bliadhna 's a deich, 's e bhiodh 'ad 'gràidhinn -


Stocainnean is brògan air Mór nighean a' ghiobalain
Is còta ribeach ròmach air Mór nighean a' ghiobalain
A h-uile rud cho neònach air Mór nighean a' ghiobalain
Is bidh na fir an tòir ort, a Mhór nighean a' ghiobalain


Sin na bheil cuimhne agam air a chluinntinn dheth. Ach tha mi 'smaointinn, gu falbhadh a' chaoin air, a réir mar a chuala mi aca, gu falbhadh e glé choltach ris a' chaoin a th' air port pìobadh ris an can 'ad "John Morrison of Assynt House". Tha mi 'smaoinntinn gur ann - air falbh car a réir, glé choltach ris a' chaoin sin a tha e, am port, an ceòl a th' air.


Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile